Fàilte

'S e pàirt riatanach fèineachd na h-Alba Nuaidh a th' ann an Gàidhlig. 'S i cànan aig a bheil dìleab beartach, a' gabhail a-steach naidheachdan, bàrdachd, òrain, agus litreachas. Tha ceangal aig na ceudan mìltean de mhuinntir na h-Alba Nuaidh agus aig na milleanan de mhuinntir Chanada ri cultar nan Gàidheal tron shinnsearachd aca. 'S e rùn Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile a bhith ag àrach agus a' gabhail cùram air a' cheangal seo tro thairgsinn chursaichean Ghàidhlig ùr-gnathaichte, tron a bhith a' cur air dòigh tachartasan a bhios a' comharrachadh cultar nan Gàidheal, agus a' tabhann coimhearsnachd airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an sgìre Halafacs.

Tha an làrach-lìn seo air a dhealbhachadh gus sealladh iomlan a thoirt do luchd-tadhal air cùrsaichean is gnìomhan Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile, agus a bhith ann mar dhoras na coimhearsnachd agus inneal ionnsachaidh airson muinntir Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile. Dèanaibh cèilidh air an làrach-lìn seo gu tric gus ar cuid naidheachd as ùire agus clàraidhean nan clasaichean fhaicinn. Faighibh air an liosta puist-dealain againne gus fios fhaighinn mu thachartasan a bhios a' gabhail àite ann an Halafacs agus air feadh Alba Nuaidh. Agus an rud as cudromaiche, cuiribh ur n-ainmean sìos airson nan clasaichean againne—tha deagh spòrs ann an ionnsachadh na Gàidhlig còmhla ri Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile!

Total Immersion Plus / Gàidhlig aig Baile

Ionnsaichibh mun mhodh-teagaisg TIP

Cùrsaichean

Cuiribh ur n-ainm sìos airson chùrsaichean TIP:

Oidhche Luain
6f gu 9f

Oidhche Chiadain
6f gu 9f



Ainm

Post-d

Fòn