Teisteanasan

“Bhon a thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn còrr is bliadhna, tha mi air dol bhon a bhith gun fhacal idir gu fileantas ann a’ còmhradh bunasach.  Cha b’ urrainn seo a dhèanamh ás aonais modh-teagaisg Gàidhlig aig Baile.  Bha e spòrsail, furasda agus neo-chràiteach!  Bidh am modh-teagaisg seo ag amas air faclan a dhaingneachadh le dealbhan is stuth léirsinneach eile: thatar ag ràdhainn gur i seo an dòigh as fheàrr gus cànain ùr a thogail.  Faodaidh an rathad gu fileantas a ghearradh gu mór leis a’ mhodh-teagaisg seo—dòigh a chaidh a dhearbhadh!”

-- Pàdraig Bennett

“A bharrachd air a bhith gu math spòrsail, tha clasaichean Gàidhlig aig Baile soirbheachail.  Tha mi ag ionnsachadh na h-uibhir.”

--Raylene NicRaing

“ ‘S e am Modh-teagaisg Gàidhlig aig Baile,  ’nam bharail-sa, an dòigh cànain eile ’ionnsachadh a tha air còrdadh rium as motha agus a tha air a bhith nas éifeachdaich na dòigh sam bith eile air an robh mi eòlach.  Tha na clasaichean neo-fhoirmeil, fuasgailte agus làn spòrsa.”

--Jennifer Richards

“ Tha na clasaichean spòrsail, éifeachdach agus beothail.  Tha na sgoilearan càirdeil agus tha an fhaireachdainn anns a’ chlas agus an tidsear cuideachdail.”

--Trudy Fong

“Tha Gàidhlig aig Baile air fàs glé chudthromach  ’nam bheatha.  Tha uiread de spòrs anns na clasaichean, tha na daoine cho càirdeil agus ionnsaichidh tu an t-uamhas cho luath.  Tha e air a bhith ’na dhòigh eireachdail dhomhsa a dhol air ais chun dualchais a’s toil leam.”

--Debra NicDhòmhnaill Parsons 

(Please note: All testimonials were translated into GÓidhlig from original English)

Total Immersion Plus / GÓidhlig aig Baile

Ionnsaichibh Mu Mhodh-teagaisg TIP

Cùrsaichean

Cuiribh ur n-ainm sìos airson chùrsaichean TIP:

Thoiribh an aire: Fiachaibh gun dèan sibh strìochag anns a' bhocsa a tha ag aontachadh ris a' chlas as fheàrr leibh.