Modh-teagaisg

Mu na cùrsaichean bogaidh aig Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile

Bidh na cùrsaichean bogaidh aig Sgoil Ghàidhlig a' cur gu feum Total Immersion Plus (TIP), modh-teagaisg a thug Fionnlagh MacLeòid le Comhairle nan Sgoiltean Àraich ann an Alba gu Alba Nuadh.

'S e Gàidhlig aig Baile a chanar ris na cùrsaichean bogaidh dhen t-seòrsa seo cuideachd. Tha ionnsachadh Gàidhlig aig Baile air a thairgsinn ann an iomadh coimhearsnachd ann an Alba Nuadh, agus tha aon de na clàran-ama chùrsaichean nas fharsainge sa mhòr-roinn aig Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile.

Carson am bu chòir dhuibh feuchainn cùrsa bogaidh còmhla ri Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile?

Bidh cùrsaichean agus bùithean-obrach Gàidhlig aig Baile a' toirt ionnsachadh do sgoilearan a bhith a' bruidhinn is a' tuigsinn na Gàidhlig troimh ghnìomhan làitheil, geamannan, agus còmhradh ann an suidheachadh bogaidh. Nuair a bhios sgoilearan comasach sa chànan, faodaidh iad leughadh is sgrìobhadh ionnsachadh, anns an t-suideachadh bogaidh leantainneach aig a' chùrsa adhartach “Sgrìobhadh is Leughadh” aig Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile, no troimh mhodhannan eile.

Bidh cùrsaichean agus bùithean-obrach Gàidhlig aig Baile a' toirt luchd-ionnsachaidh gu ìre còmhraidh nas luaithe na modhannan-ionnsachaidh eile. Tha cothroman gu leòr ann a bhith a' bruidhinn a' chànain on a' chiad seisean anns am bi neach a' gabhail pàirt. A bharrachd air sin, bidh cùrsaichean Gàidhlig aig Baile a' togail air neartan coimhearsnachd nan Gàidheal: thèid luach a chur air an eòlas a th' aig luchd-bruidhinn màthaireil, agus thèid pàirtean cultar nan Gàidheal, mar naidheachdan, òrain agus sgilean traidiseanta am filleadh a-steach san ionnsachadh. Bidh nithean air an chuireas na Gàidheil luach a' cluich pàirt cudromach anns na cùrsaichean, agus gabhaidh mòran de na seiseanan ionnsachaidh àite ann an dachaidhean muinntir Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile. Bidh seo a' cruthachadh faireachdainn neo-fhoirmeil is fosgailte. Agus bidh sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an àrainneachd a tha taiceil is co-obrachail. Cha bhi deuchannan ann, agus cha tèid sgoilearan an cur sa spot a chaoidh. Chan eil dùil ann gum freagair sgoilear ceist is chan eil fios aige oirre. 'S e prìomh rùn Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile a bhith a' togail coimhearsnachd Gàidhlig ann an sgìre Halafacs. Tha cothroman-còmhraidh ann mar phàirt de gach seisean sna cùrsaichean, agus tha iomadh chothrom ann a bhith a' dèanamh cèilidh is a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig aig oidhcheannan san taigh-seinnse agus aig cèilidhean.

Ma tha ùidh agad ann a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta, 's e na cùrsaichean bogaidh aig Sgoil Ghàidhlig an roghainn as buaidheach is as saoire. Tha fàilte ron luchd-tòiseachaidh seisean a fhrithealadh mus dèan iad gealltanas. Thigibh ann agus faicibh fhèin!