Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile

Fiosrachadh mu na Clasaichean

Fiosrachadh mu na Clasaichean

Bidh Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile a’ cur fàilt’ is furan ro gach duine aig a bheil ùidh ‘sa Ghàidhlig gus na clasaichean agus na bùth-obrachan againn a fhrithealadh ge b’ e an ìre labhairt a tha iad.

Bidh na clasaichean air an cumail air Zoom. On a tha sinn stéidhichte ann an Albainn Nuaidh, bidh gach clas air an liostadh ann an Atlantic Daylight Time (ADT) UTC-03:00.

Cuiribh post-d gu halifaxgaelicsociety@gmail.com airson barrachd fiosrachaidh no gus a bhith clàradh ris na clasaichean.

Fall call information

Poileasaidh Clàraidh

Tha sinn a’ moladh gun clàraich sibh tràth ris na clasaichean ro thoiseach an teirm air sgath ’s gu bheil gach clas is bùth-obrach a’ crochadh air uiread bunnasach de dh’oileanaich gus a bhith ruith.

Ath-Dhìolaidhean

Bheirear ath-dhìolaidhean slàn ma théid clas air a chur dheth. Gus am b’ urrainn do dhaoine clas fheuchainn, dh’fhaodadh oileanaich ath-dhìoladh slàn iarraidh ás déidh dhaibh aon chlas a fhrithealadh.